Gàidhlig
Dè th’ ann an LEADER?
Tha LEADER na phàirt de Phrògram Leasachadh Dùthchail na h-Alba (SRDP), a tha a’ brosnachadh leasachadh coimhearsnachd agus eaconamach ann an sgìrean dùthchail. ’S e dòigh-obrach a th’ ann a tha ag obair on bhonn suas ann a bhith a’ lìbhrigeadh taic do leasachadh dùthchail gu h-àraidh a thaobh phròiseactan beaga agus meadhanach mòr, air an cur air adhart leis a’ choimhearsnachd, agus a tha ùr-ghnàthach no nam pìleat.
Cò dh’fhaodas tagradh a dhèanamh?
Faodar tagradh a dhèanamh le buidhnean coimhearsnachd le bonn-stèidh, iomairtean sòisealta (gnìomhachasan beaga agus mion-ghnìomhachasan), buidhnean saor-thoileach no buidhnean san roinn phoblaich le smuain airson pròiseact a bhios gu math coimhearsnachd dhùthchail. Uaireannan faodaidh daoine fa leth tagradh a dhèanamh ma tha am pròiseact a’ tighinn on choimhearsnachd agus gum bi e gu math cuibhreann mhòr dhen choimhearsnachd.
Ciamar a nì mi tagradh?
Bu chòir dhut fios a chur chun an Oifigear Leasachaidh Ionadail le uallach airson na sgìre agad; an uair sin clàraichidh an t-oifigear tagradh nam pròiseactan.